Airson ùrachadh dhan fhaidhle readme seo, faichttp://www.openoffice.org/welcome/readme.html
A neach-chleachdaidh chòir
Tha fiosrachadh cudromach mun phrògram san fhaidhle seo. Leugh am fiosrachadh gu math mus tòisich thu ag obair.
Bu mhath le OpenOffice.org Community, a leasaich am bathar seo, do chuireadh mar bhall den choimhearsnachd. Mar neach-cleachdaidh ùr, gheibh thu fiosrachadh feumail mu OpenOffice.org aig
http://www.openoffice.org/about_us/introduction.html
Leugh cuideachd na h-earrannan gu h-ìosal mu bhith a' dol an sàs ann am pròiseact OpenOffice.org
Tha OpenOffice.org an asgaidh do dhuine sam bith. Faodaidh tu an lethbhreac seo de OpenOffice.orga chur an sàs air na thogras tu de choimpiutairean agus a chleachdadh air adhbhar sam bith (cleachdadh marsantachd, riaghaltais, rianachd poblach agus foghlaim). Airson tuilleadh fiosrachaidh, faic an teacsa cead a thàinig còmhla ri OpenOffice.org nohttp://www.openoffice.org/license.html
Faodaidh tu an lethbhreac seo de OpenOffice.orga chleachdadh an asgaidh an-diugh oir thug daoine fa-leth agus companaidhean taic dhuinn a thaobh dealbhachadh, leasachadh, deuchainn, eadar-theangachadh, sgrìobhadh, taic, margaideachadh agus iomadh dòigh eile gus ${PRODUCTNAME a thoirt gu far a bheil e an-diugh – sàr bhathar fhosgailte na cruinne.Ma tha thu a’ cur meas air an oidhirp, agus ma tha thu airson gun cùm OpenOffice.org a’ dol san àm ri teachd, smaoinich air cur ris a’ phròiseact – faicairson fiosrachadh. Tha rudeigin aig a h-uile duine airson a chur ris.
Feumalachdan Siostaim:
Tha iomadh seòrsa ann de sgaoileadh Linux, fiù ’s taobh a-staigh an aon sgaoilidh, agus faodaidh roghainnean cur-an-sàs eadar-dhealaichte a bhith ann mar (KDE vs Gnome, etc.). Tha cuid de na sgaoilidhean a’ dol a-mach len dreach ‘nàdarra’ de ${PRODUCTNAME, aig a bheil ’s dòcha diofar fheartan. Uaireannan, thèid agad air Community OpenOffice.org a chur an sàs còmhla ris an dreach ‘nàdarra’. Coimhead air fiosrachadh an sgaoilidh agad airson seo a dhèanamh.
Thathar a' moladh gun dèan thu taic-chopaidh den t-siostam agad mus toir thu air falbh bathar-bog no mus cuir thu an sàs e.
Ma bhios àmhghair agad a’ tòiseachadh OpenOffice.org(gu h-àraidh le Gnome) 'dì-shuidhich' caochladair àrainneachd SESSION_MANAGER taobh a-staigh na slige lem bi thu a’ tòiseachadh OpenOffice.org. Faodar seo a dhèanamh le bhith a’ cur na loidhne 'dì-shuidhich' SESSION_MANAGER gu toiseach sgriopt slige soffice san iùl-lann "[office folder]/program".
Glè thric ’s e dràibhear cairt nan grafaigean a bhios ag adhbharachadh àmhghairean a’ tòiseachadh OpenOffice.org(me prògraman a’ crochadh) agus cuideachd àmhghairean le taisbeanadh sgrion. Ma thachras gin dhiubh seo, feuch an dràibhear ghrafaigean a thàinig an cois an t-siostam obrachaidh. Glè thric ’s urrainnear àmhghairean a’ taisbeanadh nithean 3D fhuasgladh le bhith a’ cur dheth na roghainn "Use OpenGL" fo 'Uidheaman - Roghainnean - OpenOffice.org - Sealladh – Sealladh 3D'.
Cuimhnich gur dòcha nach obraich copaig agus suidhich le stòr-bhòrd eadar OpenOffice.org 1.x agus OpenOffice.org 3.0 ann am format OpenOffice.org. Ma thachras sin, tagh 'Deasaich – Suidhich gu sònraichte' agus tagh format eile seach OpenOffice.org, no fosgail an sgrìobhainn gu dìreach ann an OpenOffice.org ${PRODUCTVERSION.
Feuch gu bheil cuimhne gu leòr saor agad san iùl-lann shealach air an t-siostam agad agus gun tugadh seachad còirichean leughaidh, sgrìobhaidh agus ruith. Dùin a h-uile prògram eile mus tòisich thu a’ cur an sàs.
’S e a-mhàin iuchraichean gheàrr-rathaidean (co-mheasgachadh iuchraichean) nach eil an siostam obrachadh a’ cur gu feum a ghabhas a chleachdadh ann an ${PRODUCTNAME. Mura h-obraich co-mheasgachadh iuchrach ann an Taic ${PRODUCTNAME], feuch nach eil an geàrr-rathad sin air a chleachdadh mar-thà leis an t-siostam obrachaidh. Airson còmhstri mar seo a chur ceart, faodaidh tu an dleastanas sònraichte cha mhòr aig iuchair sam bith ann an ${PRODUCTNAME. Airson tuilleadh fiosrachaidh air a’ chuspair seo, faic Taic ${PRODUCTNAME] no Taic an t-siostam obrachaidh.
San t-suidheachadh ghnàthach, tha glasadh faidhle air ann an OpenOffice.org. Airson a chur dheth, feumaidh tu na caochladairean àrainneachd iomchaidh SAL_ENABLE_FILE_LOCKING=0 a shuidheachadh agus SAL_ENABLE_FILE_LOCKING às-ghluasad. Tha na h-inntrinnean seo ann an cruth comasaichte mar-thà ann am faidhle sgropt soffice.
Rabhadh: Nuair a tha feart-glasaidh faidhle air, faodaidh e àmhghair adhbharachadh le Solaris 2.5.1 agus 2.7 air an cleachdadh le Linux NFS 2.0. Ma tha na paramadairean seo air an t-siostam obrachaidh agad, tha sinn gu mòr a’ moladh gun am feart-glasaidh faidhle a chleachdadh no thèid OpenOffice.org a chrochadh nuair a dh’fheuchas tu ri fiadhle fhosgladh bho iùl-lann NFS bho choimpiutair Linux.
Airson fiosrachadh air na feartan ruigsinneachd ann an OpenOffice.org, faichttp://www.openoffice.org/access/
Lìon an Clàrachadh Bathair nuair a chuireas tu am bathar-bog an sàs. Ged a tha an clàrachadh roghainneil, tha sinn gad bhrosnachadh a dhèanamh, oir leigidh am fiosrachadh leis a’ choimhearsnachd bathar-bog nas fheàrr a dhèanamh san àm ri teachd agus bidh e a’ coinneachadh gu dìreach ri feumalachdan an luchd-cleachdaidh. Tron Phoileasaidh Dìomhaireachd aca, tha Coimhearsnachd OpenOffice.orga’ dèanamh nas urrainn gus am fiosrachadh pearsanta agad a dhìon. Ma chaill thu an clàrachadh nuair a bha thug a chur an sàs, faodaidh tu clàrachadh uair sam bith le bhith a’ dol gu “Taic > Clàrachadh” sa phrìomh mhenu.
Tha Sgrùdadh Luchd-cleachdaidh cuideachd air-loidhne agus bu mhiann leinn gun lìonadh tu e. Cuidichidh toradh an Sgrùdadh an Luchd-cleachdaidh OpenOffice.orggu bhith a’ gluasad nas luaithe a thaobh a bhith a’ stèidheachadh inbhe ùr do ghinealach eile de ghoireasan oifise. Tron Phoileasaidh Dìomhaireachd aca, tha Coimhearsnachd OpenOffice.orga’ dèanamh nas urrainn gus am fiosrachadh pearsanta agad a dhìon.
Tha a' phrìomh dhuilleag taicehttp://support.openoffice.org/a’ tabhann iomadh seòrsa taice le OpenOffice.org. ’S dòcha gun deach do cheist a fhreagairt roimhe – thoir sùil ann am Fòram na Coimhearsnachd.http://user.services.openoffice.orgno rannsaich tasglainn liosta a' phuist aig 'users@openoffice.org' aighttp://www.openoffice.org/mail_list.htmlNo, faodaidh tu do cheistean a chur guusers@openoffice.orgTha mìneachadh air an duilleig seo air mar a gheibh thu a bhith nad bhall dhen liosta (airson freagairt fhaighinn air post-d):http://wiki.services.openoffice.org/wiki/Website/Content/help/mailinglists
Thoir sùil cuideachd ann an roinn nan Ceistean Cumanta aighttp://wiki.services.openoffice.org/wiki/Documentation/FAQ
Tha làrach-lìn OpenOffice.orga’ toirt aoigheachd do IssueZilla, an t-uidheam a th’ againn airson fiosrachadh a chur thugainn mu bhith a’ cumail sgeul air, agus a’ fuasgladh, phlàighean is dhuilgheadasan. Tha sinn a’ brosnachadh an luchd-cleachdaidh gu lèir gu bhith a’ cur fios thugainn mu dhuilgheadas sam bith a nochdas san t-siostam agad. Seo rud cho cudromach ’s a nì an luchd-cleachdaidh a thaobh goireasan a leasachadh agus a dhèanamh nas fheàrr.
Bhiodh e na bhuannachd do Choimhearsnachd OpenOffice.org anm biodh tu a’ gabhail pàirt ann an leasachadh a’ phròiseact seo a tha ga sgaoileadh an-asgaidh.
Mar neach-cleachdaidh, tha thu mar-thà cudromach sa phròiseas leasachaidh agus bumhath leinn gun gabhadh tu barrachd pàirt le bhith a’ cur a-steach ris a’ choimhearsnachd sa cheann fhada. Gabh dhan choimhearsnachd agus thoir sùil air duilleag an luchd-cleachdaidh aig:http://www.openoffice.org
’S e an dòigh as fheàrr air tòiseachadh a’ cur ris a’ choimhearsnachd clàradh air liosta-puist, no air barrachd is aon, sùil a thoirt mun cuairt, agus tasglainn a’ phuist a chleachdadh mean air mhean gus fàs eòlach air na cuspairean a chaidh a chòmhdach bho chaidh còd tùis OpenOffice.org fhoillseachadh san Dàmhair 2000. Nuair a bhios tu cofhurtail leis, chan eil agad ach post-d a chur mud dheidhinn fhèin agus leum a-steach. Ma tha thu eòlach air pròiseactan Open Source, thoir sùil air an liosta de Rudan ri Dhèanamh agus faic a bheil càil ann leis an cuidich thu sinn aighttp://development.openoffice.org/todo.html
Seo cuid de liostaichean puist a' Phròiseact sam faod thu ballrachd a ghabhail aighttp://www.openoffice.org/mail_list.html
Faodaidh tu nithean cudromach a chur ris a’ phròiseact seo fiù ’s ged nach biodh mòran eòlais agad air dealbhadh bathair no obair còdaidh. Seadh, thusa!
Aig http://projects.openoffice.org/index.htmllorgaidh tu pròiseactan bho Localization, Porting agus Groupware gu pròiseactan air prìomh chòdadh. Mura bheil thu nad leasaichear, feuch am Pròiseact Sgrìobhainnean no am Pròiseact Margaideachd. Tha Pròiseact Margaideachd OpenOffice.org a’ cleachdadh innleachdan marsantachd ùra agus traidiseanta a thaobh margaideachadh bathar-bog air a sgaoileadh an-asgaidh. Agus tha sinn ga dhèanamh taobh a-staigh iomadh cànan is cultar. Mar sin, faodaidh tu cuideachadh dìreach le bhith ag innse do charaid mun ghoireas seo.
Faodaidh tu gabhail dhan Lìonradh Conaltradh Margaideachd & Fiosrachaidh an seo:http://marketing.openoffice.org/contacts.html far am faod thu fiosrachadh air ceangal conaltraidh a thoirt dha na pàipearan-naidheachd, na meadhanan, buidhnean an riaghaltais, luchd-comhairleachaidh, sgoiltean, Buidhnean Luchd-cleachdaidh Linux agus leasaichearan san dùthaich no san sgìre agad.
Tha sinn an dòchas gun còrd OpenOffice.org 3.0 ùr riut agus gun tig thu còmhla rinn air-loidhne.
Coimhearsnachd OpenOffice.org
Portions Copyright 1998, 1999 James Clark. Portions Copyright 1996, 1998 Netscape Communications Corporation.